jeudi 30 octobre 2014

Dooyeweerd: Cha tèid càil air chall ann an Crìosd

Jan Davidsz. de Heem, "Triopall le Blàthan is Measan"

     Cha tèid càil san t-saoghal Dia-àicheil seo air chall ann an Crìosd. Chan eil pàirt sam bith de fhànas, chan eil beatha thìmeil sam bith, chan eil gluasad tìmeil no lùths tìmeil, chan eil cumhachd, gliocas, maise, gràdh, creideamh no ceartas sam bith as urrainn dhan t-saoghal pheacach a chùmail mar shealbh aige fhèin as aonais Chrìosd....Tha e gu tur taing do ghràs coitcheann Dhè ann an Crìosd gu bheil meadhanan sam bith air am fàgail san t-saoghal thìmeil a chur an aghaidh neart sgriosail nan eileamaidean a fhuair ma sgaoil; gu bheil meadhanan ann fhathast a bhith strì an aghaidh galair, gu bhith bacadh thinneasan-inntinn, gu bhith cur smaoineachaidh loidsigich an gnìomh, gu bhith sàbhaladh leasachaidh chultaraich bho dhol sìos ann am buirbe mi-chneasta, gu bhith ag altram cainnt, gu bhith gleidheadh comas a' chonaltraidh shòisealta, gu bhith seasamh an aghaidh mi-cheartais, agus mar sin air adhart. Tha na nithean uile seo mar thoradh air obair Chrìosd, fiù 's mas do nochd E air an talamh. Bhon toiseach sheall Dia air A chruitheachd leagte ann an solas an t-Slànaigheir."
(Herman Dooyeweerd, A New Critique of Theoretical Thought, Vol II p 34)
____________________