LAOIDH ANN AM BEUL AN LÀ
by Fearghas MacFhionnlaigh
"Às dèidh Auschwitz chan eil bàrdachd ann."
(Theodor Adorno, feallsanach agus sgrùdair-ciùil)
“Dè th'ann am fear-ealain nad bheachdsa? Na dhearg amadan gun ach sùilean aige mas e peantair a th’ann? Gun ach cluasan aige mas e fear-ciùil a th’ann? No gun ach clàrsach aig gach ìre dhe chridhe mas e bàrd a th’ann?...Is ann chan ann! - Tha e aig an dearbh àm an sàs ann am poilitigs... Chan ann gus seòmraichean a sgeadachadh idir a tha peantaireachd. Is e inneal-cath a th’ann airson ionnsaigh agus dìon an aghaidh an nàmhaid”
(Pablo Picasso, peantair)
Tha bàrdachd ann às dèidh Auschwitz.
Canaidh mi le meas e, oir chan eil mi nam Iùdhach.
Cha toir sinn a’ bhuaidh sin dha na Nàsaich -
an t-òir mu dheireadh a spìonadh as ar beul
‘s ar teanga lapachadh le glas-ghuib gathach.
Dè ach bàrdachd a churas saor ar n-uirghioll?
- gach meatafor na uèir ghlan-geàrrte
- gach dàn na bheàrn-èalaidh.
Tha peantadh ann às dèidh Dachau.
Canaidh mi le meas e, oir chan eil àireamh ghorm air mo làimh.
Cha toir sinn a’ bhuaidh sin dha na Nàsaich -
Kristalnacht gun cheann a dhèanamh de ar sùilean
‘s air ar reatanathan a dheargadh ath-ìomhaighean uamhainn.
Dè ach peantaireachd a churas saor ar fradharc?
- gach stràc-bruise na ghath-solais
- gach canabhas na phriosm imfhios.
Tha ceòl ann às dèidh Buchenwald.
Canaidh mi le meas e, oir cha do chaith mi reul buidhe riamh.
Cha toir sinn a’ bhuaidh sinn dha na Nàsaich -
gach eun fhuadachadh à làrach ar cinn
‘s nar cluasan adhlacadh mac-talla neo-bhàsmhor a’ bhàis.
Dè ach ceòl a churas saor ar claistinn?
- gach teud air ghleus na sgiath air chrith
- gach fonn na laoidh am beul an là.
le Fearghas MacFhionnlaigh