Ciamar a bu chòir do
dh’Albannaich gheala
Mìos Eachdraidh nan Daoine Dubha
a chomharrachadh?
le Calum MacLeòid
AN t-seachdain sa chaidh fhuair pàrantan Tamir Rice litir ag innse dhaibh gun robh Baile Mòr Cleveland gus cùis-lagha a chur air chois gus $500 fhaighinn bhuapa gus pàigheadh airson seirbheisean a thug carabad-eiridinn dham mac, a chaidh a mharbhadh nuair a loisg dithis phoileas air. Bha gunna dèideige aig Tamir, agus bha e a’ cluich ann am pàirc phoblach aig an àm. Cha robh e ach 12 bliadhna a dh’aois. Cuideachd, an t-seachdain sa, nochd film goirid air leth drùidhteach, a’ toirt taic do Bhernie Sanders, far am faicear nighean Eric Garner a’ bruidhinn ma beatha a-nis, bliadhna às dèidh dha h-athair a bhith air a mharbhadh le poilis air sràidean Nuadh Eabhrac.
_______________________