GÀIDHLIG GHALÀGTAGA
Mar shiolandair gleansach de stàilinn dho-smalach.
Capsal-fànais na ghath-solais tro dhamhna dhorch nan speur.
Lannsa-lèighis a gheàrras tro ghruaim chràidhteach na bithe.
Seinn dhrùidhteach a thogas nas àirde na fuaim fhèin.
Mise air turas bho na bh'ann gus na bhios ann.
Sàr-Ghaeilge ri leughadh is àrd-èibhneas orm.
Leum-hàidhpear ri tighinn gu ceann-uidhe na bàigh.
Cluainean glasa Talamh an Àigh.
Siolandair gleansach tiotànaim is mise nam laighe na bhroinn.
Capsal-fànais na ghath-solais tro dhamhna dhorch nan speur.
Na lannsa-lèighis a gheàrras tro chràidh iongarach na bithe.
Na fhonn dhrùidhteach a thogas nas àirde na seinn.
Mise air thuras bho na chaidh gus na dh'èireas.
Sàr-Ghaeilge ri leughadh is àrd-èibhneas orm.
An impis leum-hàidhpeir gu ceann-uidhe nam bàidh.
Cluainean glasa, uisgeachan ciùine Talamh an Àigh.
Uair a thìd a-mhàin bho Àin an Là!
CANIS CATHREUL GALÀGTAGA
Cò aig tha fios cò th'ann an Sàidhlon a-nis?
Nach grad-aithneachadh cù e le snotail?
Ach chaidh gach uile beathach à bith
nuair a sprèadh an Talamh, nach deach?
Nam shuidhe an-seo 's mo shùil ort, ge-tà
nad cholai mòr molach eireachdail.
Dè chosgadh e do leithid a chruthachadh as ùr?
(No fiù’s daolag!) Cus dhòmhsa co-dhiù…
Ach a' coimhead ann an sùilean càch a-chèile a-nis
abair fois thar tomhais gun dùil nar co-aithne.
COGADH Z AGUS NA h-OS-LAOICH
(Cf Herman Dooyeweerd mun sgaradh "cruth is stuth" Heilleanach)
Teichibh! Tha na zombaidhean a’ tighinn!
Tha Sràid Bhothchanan a' cur thairis leotha!
Chan e slaodach bacach a tha iad nas motha
ach air chuthach ann an ionnsaigh-catha!
Nas cuthachaile buileach na Blàr Chùil Lodair.
No Bragàd Aotrom Gleann a’ Bhàis.
No clàbar ifrinneach Somme is Ypres.
Siod zombaidhean a' lìonadh Ceàrn Sheòrais an-dràst!
Tha fradharc aca ged a bhios iad dall!
Tha fadachd orra gus an ith iad ar feòl!
Às a' Ghreug a thàinig iad o chionn linn nan con,
slighe Ameireaga chugainn, tha am fathann a' dol.
Ach fuirichibh mionaid! Dè tha sin os ar cionn!
Siod Spiderman a’ leum bho stìopall an Tron!
Agus Batman agus Ironman agus Superman fhèin!
Diathan-Olumpais Ameireaga gus ar sàbhaladh bho chron!
An e corra-shùgain air balla a th' anns ar cuid smuaine,
nar suidhe, a-rèir Phleuto, cuibhrichte nar n-uaimh?
Ar cùlaibh ris an doras, fo gheasaibh ar mùbhaidh,
am bidh solais àrda gar dùsgadh aig deireadh na cùise?
ROBOT AIR AN OIR
Sìos leathad breac sleamhainn na beinne,
siod seann ròbot fuamhaireil meirgeach
a' tuisleachadh le stàirn is le gleadhraich
tro iomairean làn chàl is snèipean.
Crùbte am broinn eanchainne loisgeach
mar luch bàn air bhoil 's ann an èiginn
mise ri spàirn le luamhanan reasgach
mus tuit mi sa mhuir fhuar dhomhainn.
CEIST CISTE
Ma bhios tu glaiste
am broinn ciste-laighe
nach miste tu cruinne-cè
nad bhroinn mar thaisteal?
-----
CEÒL-BÀIS AN TERMINEUTAIR
Termineutair a' dol fodha sa ghlumaig dhorch,
mar stoc craoibhe dubh-leagte eadar dà lionn,
m' adhbrann air fhuasgladh às a ghrèim-freumha.
Na sùilean dearg-lasrach ud a' priobadh 's a' dol às
mar dhà chaor deàrrsach gan slugadh le lon-dubh.
Solas-grèine air bàrr nan craobh. Rachmaninov.
----
SUNÒPSAS EILREULACH
1)
Sigourney Weaver
na guth san fhàsach
na ball-sgioba mu dheireadh
dhen long-fànais Nostròmo
2)
Sigourney Weaver
air planaid LV-426 (ro anmoch)
los na caillt a dhìonadh
bho phlàigh is sgrios
3)
Sigourney Weaver
gu crois-chruthach a’ leum
an comhair a cùl san loch teine
ach an sàbhail i an cinne-daonna
4)
Sigourney Weaver
na clòn air aiseirigh
na madonna dh’fheumas
cur às dha cuid àil
JOKER
Joaquin Phoenix gu tur buadhmhor,
an Seòcair san fheòil fa ar comhair,
fon daorach le saicòsas an uilc,
plìonas mòr deargte air a ghnùis.
Mar Apolion a' dol fodha san lioft
gus an daosgar-shluagh a lèirsgrios.
Na dhian-lasair eireachdail phurpaidh
a' teàrnadh staidhre iutharna Dhante.
Le cineamateòlas fìor bharraichte
siod e a’ tarraing ceò air toitean,
a' dannsadh le breaban do-chreidsinn
gu glòrmhor a-nuas na ceumannan
gu ruige trèana fo-thalamh a' bhàis
mar bhàt'-aiseig damainte an Stucs,
gu aiseirigh air bonaid càr mhillte
sa Bhaile Mhòr creachte le gràisg.
Am Fear-Fèinigs ag èirigh on luaithre,
ach tha sgiathan eile cuideachd a' dùsgadh
air druim balaich a' caoineadh san duibhre
far an deach a phàrantan dìreach a mhurt
le fear-gunna le aghaidh-coimhich thuaisteir.
Batman air ùr-bhreith ’s a sgiathan ialtaige
gan sgaoileadh gus ar n-iadhadh le truas
air beulaibh taigh-dhealbh mar uaimh seunta.
(Foillsichte ann an Northwords Now)
LOMAIRE-FEÒIR
Chuala mi lomaire-feòir
gu h-àrd anns an adhar
a gearradh tron ghuirme.
Chunnaic mi air oidhche fhuair
fras reòite uaine mar dheòir
a' deàrrsadh fon ghealaich.
SOLÀRAS ALBA
Sìor-uisge am broinn
an taighe, gun fhor aig
luchd-còmhnaidh air.
DAMON RUNYON NA ÀNRACH AIR DÙN
(Dom bhràthair Stuart McKinlay, 28 Dùbh. 2024)
Pìoban-sròine draghail fam chomhair.
Agus aonarain a’ siubhal tron dìthreibh ollmhor.
Tè tèipte ri smiogaid mo mhic san fhàsach.
Ach is fhada bhon uair sin gu taingeil.
Tè cleachte lem bhràthair ’s e triall an dràsta
le leabhar Damon Runyon truagh na phòcaid.
Gun tè riamh nam chuinnlean-sa ged nach mòr
nach deach mo chraos-shlugadh uair
————
A Hàil, Fosgail an doras...
Fosgail for-dhorsan an spàlain, a Hàil...
Ar leam nach leig mi a-steach thu, a Dhàibhidh...
An gabh mi an oràn dhut? -
Dàidh-saidh, Dàidh-saidh,
Gibhmidh iu ransair dubh...
Àidhm thàibh cràidh-saidh,
Òlfair da lubh ubh iù...
----
LANN-RUITHEADAIR
(eadar-theangaichte bho òraid-bàis Rutger Hauer)
“Chunnaic mi nithean…
nithean nach creideadh
troichean mar sib’ fhèin…
Longan-ionnsaigh-fànais nan teine
bhàrr gualainn an t-Sealgair Mhòir…
Cho deàrrsach ri maignèisiam…”
-----
Fearghas MacFhionnlaigh