vendredi 15 décembre 2023

Billie Holiday - STRANGE FRUIT | MEAS NEÒNACH

 _________________________________________________

MEAS NEÒNACH

(Provisional Scottish Gaelic translation from the English lyrics of ‘STRANGE FRUIT’ written by Abel Meeropol (pseudonym Lewis Allan) in 1937-39.


Craobhan mu Dheas le measan cho geur,
Fuil air an duilleach ’s fuil aig a’ freumh,
Cuirp dhubha luasgadh san deòthan a Deas
Measan geura crochte ri crainn-chrithinn san teas.

Tìr Chinn a Deas cho mòrail na dreach,

Na sùilean tòcte agus am beul na chreach,
Fàile magnòilia, milis is ùr,
Tòchd obann na feòla dòite gu smùr.

Seo dhut meas le feannagan spìont
Le gaoth gu bhith sùghte, agus drùidhte le sìd,
Lobhte le grian, leagt à craoibh gu làr,
Cho neònach ’s cho searbh am bàrr.

(Fearghas MacFhionnlaigh, Nov 2022)

Remember Me My Deir | Scottish 16th century | Amarcord - Harmonia Mundi | CÙM CUIMHNE ORM MO GHRÀIDH

Remember Me My Deir
Scottish, 16th century

Remember me my deir/dear,
I humbly you require
For my request that loves you best
With faithfull heart entire
My heart shall rest
Within your breast.
Remember me my dear.

Remember me, alas,
And let all rigour pass
That I may prove in you some love
To my joy and solace.
True love to move I most behove;
Remember me alas.

Remember me in pain
With unkindness near slain.
That through delay of cruel way
That in you does remain
Remit, I say; alas alway
Remember me in pain.

Remember me dear heart
That of pains has my part.
Your words unkind sink in my mind
And do increase my smart;
Yet shall ye find me true and kind!
Remember me dear heart.

CÙM CUIMHNE ORM MO GHRÀIDH
(Provisional Scottish Gaelic translation)

Cùm cuimhne orm mo ghràidh

Is iorasal mo chàil,

Chuirinn an cèill mo dhèidh gu lèir

Bhom chridhe dìleas slàn.

Mo chridhe sèimh

Am broinn do chlèibh,

Cùm cuimhne orm mo ghràidh.


Cùm cuimhne orm faraoir,

Leig seachad gach ascaoin,

Saoil annad fòs aon lasair bheò, 

Sin fios an àigh is m’ aoibh.

Fìor ghaol gun deòir,

Mo lùig’ as mò,

Cùm cuimhne orm faraoir.


Cùm cuimhne orm nam chràdh,

Fo an-iochd ri uchd bàis, 

Is ann mar bhuaidh do mhì-sgoinn cruaidh

A mhaireas annad fhathast.

Gabh truas, a luaidh; 

Mo nuar, gu buan

Cùm cuimhne orm nam chràdh.


Cùm cuimhne orm mo ghràidh,

Bu tusa cùis mo chràidh,

Chaidh d’fhaclan faoin an sàs nam smaoin,

Mar leòintean domhain gun bhàidh;

Ach bidh mi a-chaoidh

Fìor agus caoin,

Cùm cuimhne orm mo ghràidh.


(Fearghas MacFhionnlaigh, 17 Nov 2022) 

__________________________________________

Audioslave: I am the Highway / Is mise an Rathad Mòr

IS MIS’ AN RATHAD MÒR
(Bhon Bheurla aig Chris Cornell, Audioslave)

Neamhnaidean ’s mucan cuidhteas mi.
Fad is cianail mo thriall air bhith.
Bha mi caillt’ anns na bailtean, leam fhìn anns na cnuic.
Gun truas gam fàgail, caoidh idir nam chridh’.

Chan e mis’ do rothan luatha – is mis’ an rathad mòr.
Chan e mis’ do bhrat air sgiath – is mis’ an speur.


Càirdean 's breugairean, na bi feitheamh riums'.
Nì mi a’ chùis nam shlighe fhìn.
Chuir mi milleanan de mhìltean mar-thà fo mo shàil,
Ach fada ro fhaisg riut tha mi faireachdainn fhathast.

Chan e mis’ do rothan luatha – is mis’ an rathad mòr.
Chan e mis’ do bhrat air sgiath – is mis’ an speur.

Chan e mis’ do ghaoth a shèideas – is mis’ an dealan.
Chan e mis’ do ghealach fhoghair – is mis’ an oidhch’...an oidhch’.

(Fearghas MacFhionnlaigh a dh'eadar-theangaich, Feb 2021)
_______________________
Audio with original English lyrics —

samedi 9 décembre 2023

Còig Duilleagan na Seamraig le Ruairidh MacIlleathain

 


Ruairidh MacIlleathain
£9.99
CLÀR, 2019. 391 duilleag. Còmhdach bog.

‘S e Còig Duilleagan na Seamraig nobhail phoilitigeach de ghnè a tha gann ann an litreachas na Gàidhlig. Tha an stòiridh, a tha a’ gluasad eadar a’ Ghàidhealteachd, Èirinn, Lunnainn agus Paris, a’ gabhail a-steach thachartasan mòra o chionn ceud bliadhna co-cheangailte ri Dòmhnaill MacCoinnich à Geàrrloch a tha na oifigear-dìon agus tosgaire dìomhair do Dhaibhidh Llyod George, am fear-poilitigs as cumhachdaiche a th’ ann.