vendredi 29 janvier 2016

HOLLANDSCHE SCHOUWBURG (Dàn Gàidhlig)


HOLLANDSCHE SCHOUWBURG

le Fearghas MacFhionnlaigh

Tha an dàn goirid a leanas air balla togalaich ann an Amsterdam -

"Jodenvervolging
in Amsterdam 1940-45

thuis sluipend ingesloten
angstig in de nacht verwacht
door soldaten opgebracht
gevangen in de val

Hollandsche Schouwburg
duistere verzamelplaats
halte voor een dag

de tram
de trein
na Westerbork
het dodende
oosten"

("Geur-leanmhainn nan Iùdhach
ann an Amsterdam 1940-45

aig an taigh, a' cruinneachadh fa leth
fo iomagain a' caithris na h-oidhche
air thrusadh le saighdearan
an sàs ann an ribe

Hollandsche Schouwburg
ionad-tionail cràiteach
stad là

an tràma
an trèana
do Uesterborc
do àird an ear
a' bhàis")

---
Tha an teacsa-Bìobaill seo air càrn-cuimhne ann an Amsterdam -

"Waren mijn ogen een bron van tranen dan zou ik wenen dag en nacht om de gevallen strijders van mijn dierbaar volk." -naar Jer. 8:23

("Och, nach bu tobar dheur mo shùilean, a-chum gun guilinn a là agus a dh'oidhche airson muinntir mharbhte mo shluaigh!" - Ier. 9:1)

---
Mo chuid bàrdachd "HOLLANDSCHE SHOUWBURG" -

1)
Amsterdam.
Plantage Middenlaan.
Dàn sgrìobhte air togalach.

Hollandsche Schouwburg.
Stèisean-rèile Nàsach.
Seòmar-fèithimh Iùdhach.

O chionn dà là, bathais ri glainne,
thug mi sùil tron doras ghlaiste seo
ri seòmar lom cloiche,

's tron bhalla-glainne ud a-staigh,
ri cùirt de choncrait is chlachan-crèadha,
le bior-charragh dhubh

mar dhroigheann chàrn-chuimhneil,
daingeann, saoilidh mi, ann an slighe
jac-bòtannach Tìme.

Tearbte fad dà bhalla geala,
tiuilipean cràdhearga plosgail
mar bhuillean-cridhe san t-sneachd.

Danns uaine gach duilleig is cuiseig
stocainnte a-nis nam buan-riochd
bho chaidh cuisle a' chiùil a gheàrradh.

An cois gach luibh, aon duilleag
de phàipear geal, cho tuarach
ri bàirlinn chrathte.

‘S ri fianais bhalbh bhon làr luathchiar,
teanga fhileanta orains a loisgeas
à bilean fuara de stàilinn loinneir.

2)
Thòisich mi air an dàn a bhreacadh sìos,
ach mas robh mi ullamh
siod clachan meallain troma orm.

Chaidh mo pheann
na chuisle reòthte nam làimh,
'fhuil mheilichte gun chomas

deargadh fòs a dhèanamh
air duilleig bhàin
mo ghlaic gheamhrail.

3)
Ach cha b'e an dèigh ud idir
as mò chuir stad orm,
ach grian thlàth na maidne seo,

oir le blàth iargalta na soillse
air a' chlàr ghlainne ud a-staigh,

chì mi m’aogas fhìn am follais

fo chàrn na aonar sa chùirt ud,
a' dùr-amharc orm, a' sgrùdadh m'anama
le sùilean Iùdhach Dia-dhorcha.

(Amsterdam, Màrt-Giblean 1996)
Fearghas MacFhionnlaigh

lundi 16 novembre 2015

Máire Ní Annracháin

  

Seimineáir Litriochta Ghaeilge (Físeán i mBéarla anseo)
_________________________________

jeudi 5 novembre 2015

Athneartú faoin Ghàidhlig in Alba Nua Cheanada


Athneartú faoin Ghàidhlig 
in Alba Nua Cheanada
le Shane Ó Curraighín (05 D.F. 2015)

Is beag duine a chuirfeadh i do choinne dá ndéarfá gur sa chuid seo den chruinne amháin atá cainteoirí dúcháis na dteangacha Ceilteacha. Ach bheadh dul amú ort ar ndóigh mar go bhfuil pobal Gàidhlig ag cur fúthu in Albain Nua ar chósta thoir Cheanada. Timpeall 300 cainteoir dúchais atá sa dúiche de réir an daonáirimh agus 2,000 duine ag foghlaim na Gàidhlig.

Inniu, tá léargas againn daoibh ar staid na Gàidhlig i gCeanada le Goiridh Dòmhnullach atá fostaithe ag Rialtas na hAlban Nua leis an teanga a chur chun cinn. Tháinig Goiridh ar cuairt chuig oifig MEON EILE ar na maillibh le linn dó a bheith ar thuras oibre i mBéal Feirste. Labhair sé linn i nGaeilge s’againne faoina chuid oibre, faoi staid na Gàidhlig in Albain Nua agus faoi na tionscnaimh atá faoi lámha acu leis an teanga a neartú arís…

Borradh ag teacht sna sála ar mheath fadalach

Thriall na míllte imirceach ó Gharbhchríocha na hAlban chuig Albain Nua Cheanada san ochtú céad déag, 25,000 cainteoir Gàidhlig ina measc. Lean siad leo ag labhairt a dteanga féin ach tháinig meath uirthi le himeacht na gcianta.

In 1995, thosaigh scoileanna áirithe in Albain Nua ag cur Gàidhlig ar fáil mar chroí-ábhar scoile. Ó shin, ta an teanga curtha ar fáil ag meánscoileanna agus Ollscoilleanna sa réigiún.

Léirigh staidéar rialtais in 2002 gur fiú €23.5 milliún an teanga do gheilleagar an cheantair. Áiríodh go raibh beagnach 380,000 duine ag triall ar os cionn 2,000 imeachtaí Gàidhlig le tamall de bhlianta anuas.

In 2006, bhunaigh Rialtas na hAlban Nua oifig Iomairtean na Gàidhlig le teanga agus cultúr na nGael a chothú agus a chaomhnú. Tá 24 eagraíocht agus sé institiúid ag obair i gcomphairtíocht leis an Rialtas le Gàidhlig a chur chun cinn. Níl aitheantas reachtúil ag an Ghàidhlig in ainneoin bhorradh na foghlamtha. 

____________________

dimanche 11 octobre 2015

Breandán Ó Doibhlin: Athbheochan na Gaeilge


Breandán Ó Doibhlin: Athbheochan na Gaeilge
Sa ghearrthóg seo, labhraíonn an scríbhneoir clúiteach Breandán Ó Doibhlin ar Athbheochan na Gaeilge agus ar an Ghaelscolaíocht in Éirinn. Thug Breandán Ó Doibhlin a dhícheall thar na blianta leis an seanchoibhneas cultúrtha idir an Fhrainc agus Éire a athbhunú, rud a thuig sé a chuirfeadh le litríocht na Gaeilge. Is iomaí duais atá bainte amach Ó Doibhlin ón Fhrainc as ucht na hoibre sin. Rinneadh Commandeur de la Légion d'Honneur de, agus tá sé ina Uachtarán ar Choláiste na nÉireannach i bPáras. (2009)
__________________________

dimanche 20 septembre 2015

Ailig Salmond: Mairidh an Dòchas - 100 Latha a dh’atharraich Alba gu Bràth

Mairidh an Dòchas
100 Latha a dh’atharraich Alba gu Bràth
le Ailig Salmond
(Collins Paperback £12.99)


Bhon chòmhdach: 
Tha Ailig Salmond air a bhith gu mòr airson neo-eisimeileachd na h-Alba fad a bheatha. San t-Sultain 2014 thàinig e glè fhaisg air sin a thoirt gu buil.

Ann an leabhar-latha inntinneach, air a sgrìobhadh na dhòigh eirmseach fhèin, tha Salmond gar toirt a-steach gu cridhe na h-iomairt BU CHÒIR, a' sealltainn dè chaidh a ràdh agus a chaidh a dhèanamh air cùlaibh gnothaich fhad 's a bha an iomairt a' ruighinn àird na teasaich.

Tha e a' sealltainn mar a thug iomairt BU CHÒIR ath-bheothachadh do dh'Alba air fad agus mar a rinn e ath-sgrìobhadh air na riaghailtean airson iomairt phoilitigeach am measg an t-sluaigh, chan ann a-mhàin san RA ach air feadh an t-saoghail.

Tha e cuideachd a' coimhead air adhart ris "a' cheist nàiseanta" chudromaich ann am poileataigs ann am Breatann, a' dèanamh gu math soilleir nach b' e deireadh na cùis a bha san reifreann ach am fìor thoiseach. Tha an dòchas airson neo-eisimeileachd na h-Alba cho fallainn 's a bha e a-riamh.
_______________________

vendredi 11 septembre 2015

Thóg an fear seo teach...

Thóg an fear seo teach...
Ar an uaigneas in Albain 
a chríochnaigh George Orwell 1984
Breandán Delap (29 July 2015)

Ní dócha go mbeadh oiread ratha ar an úrscéal 1984 dá mba rud é gur chloígh an t-údar George Orwell lena rún ‘The last man in Europe’ a thabhairt air.

Ach don té a thugann cuairt ar Chnoc an tSabhail ar Oileán Diùra na hAlban an áit inar scríobhadh an leabhar cáiliúil úd, ba dhoiligh smaoineamh ar theideal níba fhóirsteanaí dó.

Óir roghnaigh Orwell dul i mbun pinn i gceann de na háiteanna is scoite amach ar cheann de na hoileáin is iargúlta san Eoraip.
_____________________

jeudi 6 août 2015

Pablo Neruda: Explico Algunas Cosas (Mìnichidh Mi Rud no Dhà)


EXPLICO ALGUNAS COSAS
Pablo Neruda

PREGUNTARÉIS: Y dónde están las lilas?
Y la metafísica cubierta de amapolas?
Y la lluvia que a menudo golpeaba
sus palabras llenándolas
de agujeros y pájaros?

Os voy a contar todo lo que me pasa.

Yo vivía en un barrio 
de Madrid, con campanas, 
con relojes, con árboles.

Desde allí se veía 
el rostro seco de Castilla 
como un océano de cuero.
                                      Mi casa era llamada
la casa de las flores, porque por todas partes 
estallaban geranios: era
una bella casa
con perros y chiquillos.
                                                        Raúl, te acuerdas?
Te acuerdas, Rafael?
                               Federico, te acuerdas
debajo de la tierra,
te acuerdas de mi casa con balcones en donde
la luz de junio ahogaba flores en tu boca?
                                                   Hermano, hermano!
Todo
eran grandes voces, sal de mercaderías, 
aglomeraciones de pan palpitante, 
mercados de mi barrio de Argüelles con su estatua 
como un tintero pálido entre las merluzas:
el aceite llegaba a las cucharas,
un profundo latido
de pies y manos llenaba las calles, 
metros, litros, esencia
aguda de la vida,
                        pescados hacinados,
contextura de techos con sol frío en el cual
la flecha se fatiga,
delirante marfil fino de las patatas, 
tomates repetidos hasta el mar.

Y una mañana todo estaba ardiendo
y una mañana las hogueras
salían de la tierra
devorando seres,
y desde entonces fuego,
pólvora desde entonces, 
y desde entonces sangre.
Bandidos con aviones y con moros,
bandidos con sortijas y duquesas, 
bandidos con frailes negros bendiciendo 
venían por el cielo a matar niños,
y por las calles la sangre de los niños 
corría simplemente, como sangre de niños.

Chacales que el chacal rechazaría, 
piedras que el cardo seco mordería escupiendo, 
víboras que las víboras odiaran!

Frente a vosotros he visto la sangre 
de España levantarse
para ahogaros en una sola ola 
de orgullo y de cuchillos!

Generales
traidores:
mirad mi casa muerta, 
mirad España rota:
pero de cada casa muerta sale metal ardiendo 
en vez de flores, 
pero de cada hueco de España 
sale España, 
pero de cada niño muerto sale un fusil con ojos, 
pero de cada crimen nacen balas 
que os hallarán un día el sitio 
del corazón.

Preguntaréis por qué su poesía 
no nos habla del sueño, de las hojas, 
de los grandes volcanes de su país natal?

Venid a ver la sangre por las calles,
venid a ver
la sangre por las calles, 
venid a ver la sangre 
por las calles!

*    *    *
MÌNICHIDH MI RUD NO DHÀ
Le Pablo Neruda
(Eadar-theangaichte le F. MacFhionnlaigh)

Bidh a' cheist agaibh: Càite bheil na liathchòrcran?
Agus a' mheatafiosaig loma-làn de chrom-lusan?
Agus an t-uisge a spairteas fhaclan
gan tur-lìonadh le tuill agus le eòin?

Innsidh mi dhuibh gach uile nì a thachair.
Bha mi còmhnaidh ann an iomall baile Mhadrid 
còmhla ri gleocaichean is cluig is craobhan.

Bhon siod chìteadh 
aodann tioram Chastilla
mar mhuir leathair.     
                  Is e taigh nam blàth
a chanadh iad rim thaigh-sa, oir às gach cùil
spreadh geiréiniaman: is e
taigh snog a bh'ann
le coin is cloinn,
                                                        A Raùil, eil cuimhnead?
Cuimhnead, a Rafaeil?
                               A Fhederico, a bheil cuimhn' agadsa
is tu fon talamh,
cuimhne air mo thaigh le for-uinneagan far
am bàthadh solas an Ògmhios blàthan nad bheul?
                               A bhràthair, a bhràthair!
Cha robh ann
ach guthan àrda, salann marsantachd,
cruachan measgte de dh'aran plosgartach,
margaidhean m' iomall de Arguelles le ìomhaigh
mar sheas-dubh glas-neulach fo smùid na mara:
an ola cur thairis air a chuid spàinean ladarna,
frith-bhualadh domhainn
chasan is làmhan a' lìonadh nan sràid,
meatairean is liotairean, brìgh
gheur na beatha,
                         èisg laghach air an càrnadh,
co-inneach mhullaichean fo ghrèin fhuair anns am bi
an gath-sìde a' fàs sgìth,
màrmor grinn air mhire a' bhuntàta,
a lìon tomàto is tomàto chun na mara.

Agus madainn a bha seo cha robh ann ach lasraichean
agus madainn a bha seo siod tùrlaichean
a' leum às an talamh
gus daoine a shlugadh,
agus bho sin a-mach teine
a' bhuidealaich bho sin a-mach,
agus bho sin a-mach fuil.

Slaightearan le itealain is eich,
slaightearan le fàinnean is bana-diùcan,
slaightearan le sagartan dubha beannachadh
thàinig iad tro na speuran a chur às do chloinn,
agus tro na sràidean siod fuil na cloinne
a' ruith gu sìmplidh, mar fhuil chloinne.

Seacalan air an dèanadh seacal tàir,
clachan nach teumadh cluaran gun smugaid,
viopairean a chuireadh gràin air viopairean!

Fa ur comhair chì mi fuil
na Spàinne càrnadh an-àirde
gus ur bàthadh le aon tonn a-mhàin
de dh'àrdan is sginean!

A sheanailearan
cealgacha:
seallaibh air mo thaigh marbh,
seallaibh air an Spàinn mhillte:
ach às gach taigh marbh thig meatailt loisgeach
an àite fhlùraichean,
ach às gach leanabh marbh thig isneach le sùilean,
ach às gach eucoir beirear peilearan
a lorgas là air choireigin 
cuspair ur cridhe.

Theid fhaighneachd carson nach ann a-mach air
aislingean agus duilleagan a tha a chuid bàrdachd,
agus air beanntan-teine tìr a bhreithe?

Thigibh is faicibh an fhuil anns na sràidean,
thigibh is faicibh 
an fhuil anns na sràidean,
thigibh is faicibh an fhuil 
anns na sràidean!
(Eadar-theangaichte dhan Ghàidhlig le Fearghas MacFhionnlaigh 2015)
***