lundi 14 avril 2014

A' Mheanbhchuileag (2)

A' Mheanbhchuileag (2)
le Fearghas MacFhionnlaigh
English HERE

Cha robh mi ann. Tha mi ann. Cha bhi mi ann.
ls guth eadar dà shàmhchair siorraidh mi.
Facal.
ls e seo na th' annainn uile -
creutairean balbha gun ach aon fhacal ri labhairt
agus sin uair a-mhàin.

Facal gach neach.
Facal solais no facal dorchadais.

Saoil is dòcha gum biomaid na bu shona mar ainmhidhean,
gun chainnt is gun mhiotasan.
neo-fhiosrach air na rionnagan,
air àm a chaidh  no àm ri teachd?

Chan eil sìorraidheachd a' cur dragh air inntinn beathaich.
Chan eil aithreachas aige a thaobh na rinn e
no eagal air a thaobh breitheanas ri tighinn.
Is ann an-diugh a tha e beò, daonnan an-diugh.
Mar Dia ann an dòigh.

Agus nuair a thig am bàs gu ainmhidh
thig e a-nis
gun cus fulangais;
chan ann idir mar fhulangas duine
agus esan a' coimhead air a' bhàs bho fhad às
mar linne dorchadais
air taobh thall tunail de sholas.

Esan a' dlùthachadh ris
mar sheòladair-fànais a dh'ionnsaigh thuill dhuibh,
ga mhion-sgrùdadh is ga mhallachadh
ach a' dol fhathast na ghlacan fuara.

Chan eil so-leòntachd ann mar sho-leòntachd mhic-an-duine,
a bheatha a' grad-chlisgeadh
mar lasadair ann an taigh-dhealbh,
mar sgriach ann an eaglais.

An robh e mar cheist air beathach riamh
carson a bha e ann,
no carson a bha am bàs ann?

Dorchadas. Solas. Dorchadas.
A' bheatha mar thrèana tighinn a-mach à tunail
is a' dol na deann a-steach do thunail eile.
A' bheatha mar dà rèile co-cheangailte.
larann is fiodh.

A' bheatha mar dhrochaid os cionn dubh-aigeinn, 
eadar dà thunail. "Seall na  beanntan, 
cho brèagha 's a tha iad
cho mòrail, òrach anns a' ghrèin!
Seall an t-eas àrd airgeadach ud,
is bogha-frois snog aig a' bhonn!
Ach seall a-nis tunail dorch eile a' tighinn..."
A' bheatha mar dhà dhris co-shnìomhte.
Subhag is dealg.
Sonas is pian.

Ach saoil am blasar mìlseachd dha-rìribh
gun bhlas an tòiseach air searbhas?
An dèidh sin 's na dhèidh, bha blas maith is uilc
co-mheasgte san aon mheas air craoibh na beatha.

Uime sin nach bi a' mhothalachd as mìne
agus am fulangas as doimhne daonnan san aon neach?
Nach robh crùn droighnich air ceann Chriosd?

Mur eil duine so-leònta, bidh e mì-chneasta.
Na ròbot.
Beò gun deò.
Gruaidh chruaidh.
Bil' uachdair rag.
Na fhear gun fhaireachdainn.
As aonais cràidh, as aonais àigh.
Stòigeach. Et tu Brute?
Craiceann cloiche ga dhìonadh o lasraichean an t-saoghail;
ga dhìonadh cuideachd o mhìn-bheantainn a' ghaoil.
Mar cheann mòr Eilein na Càisge,
a' spleuchdadh air na speuran;
ag adhradh Meidiùsa.

Faisg air an taigh againn tha carragh aosta ann.
is torc air a ghearradh oirre le Cruithneach ealanta air choreigin.
Is gann gun gabh an torc fhaicinn a-nis.
Ach saoil a bheil an torc air druim na cloiche
no a bheil a' chlach air druim an tuirc?

Chuir an Riaghaltas cèids daingeann
tìmcheall air a' charraigh.
Saoil a bheil an cèids a' dìonadh an tuirc bhuainn
no gar dìonadh-ne bhon torc?

Alba, ar leam gur samhladh dhìots' am beathach tha seo.
Thagh thu ciomachas san t-sutha Shasannaich
gus so-leòntachd a sheachnadh.
Ach dhearbh thu thu fhèin cho dìleas
's gun deach do leigeil mu sgaoil mar chù-chaorach
(no an ann mar dhòbarman a bha e?)

Dhian-ruith thu air feadh an t-saoghail
a' comhartaich 's a' nochdadh d' fhiaclan
's tu a' sìor èisteachd ri fead do chìobair.
ls iomadh beathach a shaod thu air ais dhan t-Sutha Mhòir,
dìreach mar chaora gu fang airson lomairt.

Ach nach tu fhèin a bha borb.
Cha chreid mi gu bheil ainmhidh air a' phlanaid
gun chomharra d' fhiaclan geura air a thòin,
Aye, is e bonny fechter dha-rìribh a bh' annadsa.

Ach is ann a' fàs aost an-dràsta a tha fear-coimhead an Sutha,
agus tha na cèidsichean a' tuiteam às a chèile le meirgeadh.
Thàr às cha mhòr a h-uile ball-taisbeanaidh ach thusa fhèin.
Bha thu riamh dìleas.

Ach is dòcha gu bheil beagan faiteis ort fa chomhair saorsa,
fa chomhair saoghail as aonais feadaireachd ìmpireil.
Seadh, is mòr a chaidh an Sutha a dholaidh an-dràsta;
funtainn fuachd a' gheamhraidh gad bheantainn tre do chèids.

Tha reòdhadh a' nochdadh a-nis air do dhruim,
deigh a' bhàis gad phasgadh mar chraiceann cloiche.

AM FEAR A DHIÙLTAS SO-LEÒNTACHD,
THÈID E NA CHLACH!

Chan  eil ann ach roghnachadh eadar teine is deigh.
Tha ar planaid fhèin mion-chothromaicht' eadar teine is deigh.
Alba, chan eil ann air do shonsa ach teine no deigh.
ls saorsa teine. ls daorsa deigh.

Dh'amhairc mi
is chunnaic mi aon-chòrnach geal
ri cruinnleum thar na Roinn Eòrpa.
Is ann coltach ri Enbarr nan Dè Danann a bha i.
Bu dealanach a sùil,
bu tàirneanach a cas;
ach shlaod i slabhraidh.

Dh'amhairc mi
is chunnaic mi air seachran i ann an coille mhòr
is an t-slabhraidh aice an sàs ann am freumh daraich.
Chnàmh a caoineadh mo chridhe mar shearbhaig,
agus bha a sùil ri mo shùil-sa
mar sgàthan ri sgàthan.

Dh'amhairc mi
is chunnaic mi aon-chòrnach geal
air droch sheasamh chas
air Sràid Sauchiehall.

Tha an saoghal na ghàrradh,
tha Alba na flùr,
tha mise nam bhileag
a' tuiteam.

Tha an saoghal na choille,
tha Alba na craoibh,
tha mise nam dhuilleag
thioram.

Tha an saoghal na ghailleann,
tha Alba na gealbhonn,
tha mise nam iteag
a' tuiteam.

Saoil am faicear
earrach ùr
no am mair gu sìor
an geamhradh?

Agus cionnas a bhios aithne agam
an ann beò no marbh a tha mo dhùthaich?
An do chaochail i is dòcha o chionn mìle bliadhna?
No an ann mar bhodhaig air leabaidh ospadail a tha i
- air a cumail beò air èiginn le tiùb is uèir,
fuil sna cuislean,
ogsaidean sna sgamhanan,
ach eanchainn a tha marbh.

Is mathaid gur ann an còma buan a tha i,
mar Leibhiatan eadar-dhà-lionn ann an cuan coimheach,
is an t-Albannach mar Iònas na broinn!
Alba mar chairbh ichteosoir a' grodadh
air grunnd na mara gus an deoghalar
gu tur a fuil dhubh bhreun
leis na corra-mhialan mòra iarainn.

___________
Earrann [1]  [3]  [4]  [5]