mercredi 30 avril 2014

Laoidh Nach Eil do Lenin


LAOIDH NACH EIL DO LENIN 

A Dhia-chailèideasgoip
beò-dhathan dian-loisgeach

uile-ghlòrmhorachd
na chaoir-bhuidealaich

solas dreòsach neo-bhàsmhor
a’ spreadhadh tro phriosm nan dùl

bogha-frois drìlseach na shìneadh
bho bhith-bhuantachd gu bith-bhuantachd

sàr-iomlanachd sheachd-fhillte
sìorraidheachd shruth-shoillseach

rinneadh na h-uile dhathan leat agus às
d’ aonais cha d’rinneadh aon dath a rinneadh

leatsa dathan a’ chosmais

na solais-bhliadhnachan gu lèir mar
phlathadh-seòid d’ fhàinne-lùdaig

leatsa dathan na talmhainn

Niagara a’ tàirneachadh san oidhche
is tuil-sholais oirre

driùchd drìlseach sa mhadainn
air chrith air lìon damhan-allaidh

leatsa dathan an dannsa
fir-chlis is stròb-sholais

leatsa dathan a’ ghaoil
coinfèati air sìoda geal

leatsa dathan a’ ghàire
cleasan-teine is sùilean-cloinne

leatsa speictream na beatha
leatsa a-mhàin

‘s leinne an dubh-aigeann
ma dhùnas Tu do rosgan 
_____________________