mardi 1 juillet 2014

Luchd-an-Aonaidh a' teicheadh ri Daingneach a' BhBC, 's am blàr mu dheireadh a' tighinn faisg oirnn
le G.A.Ponsonby (28 Ogmhios 2014)

Ràinig iomairt an Reifrinn ìre ùr air an t-seachdainn sa chaidh - ceist deasbadan TV.

An deireadh-seachdain sa chaidh dh'fhoillsich an Sunday Herald gun robh Alex Salmond air gabhail ri dùlan Alistair Darling a-thaobh deasbad TV beò aghaidh-ri-aghaidh "àm sam bith, àite sam bith".

Rinn STV a' chùis air a' BhBC, a' cur air bhonn sàr chòmhrag eadar Salmond agus an dàrna cuid David Cameron air neo Alistair Darling. Ma dhiùlt Cameron a nochdadh ro Iuchar 16, arsa Salmond, choinnicheadh e ri Darling as dèidh Geamannan a' Cho-fhlathais.

Sa chiad dol-a-mach chuir "Nas Fheàrr Còmhla" fàilte air aonta a' Phrìomh Mhinisteir deasbad a chumail ri Darling, a' bòstadh gun do ghèill e ris a' chuideim a leig iad air. Ach cha mhòr sa bhad dh'atharraich iad an sgeul...

Dhiùlt iad STV, a' cur às leth a' chraoladair gun do chrom e ri cuideam bho Alex Salmond nach gabhadh esan ri ceann-latha ro dheireadh nan Geamannan. Ged nach robh seasamh a' Phrìomh Mhinisteir air atharrachadh idir idir bho àm an fhàilte a chuir Nas Fheàrr Còmhla air aig an toiseach, is iad a bha coma.

Bu chòir dhuinn air amharas a ghabhail nuair a thàinig e am follais gur ann air an dearbh là a tharraing Darling a-mach às an deasbad STV a chaidh cuireadh dìomhair, gun sanas ro làimh, a thairgsinn leis a' BhBC ris an iomairt Cha Bu Chòir. Shàbhail seo craiceann Dharling agus cheadaich e dhan caidreachas contra-neo-eisimeileachd a bhith cumail orra ag ràdh gun robh an Darlingeach fhathast deònach deasbad a dhèanamh ri Salmond. Abair fòrtanach, smaoinich mi.

Leugh an còrr dhen airtigeal sa Bheurla 
____________________________