le Ernesto Sábato
Gabhaidh am facal romansachas a thuigsinn ann an iomadach dòigh, cuid dhiubh calg-dìreach an aghaidh a chèile, cha mhòr. Ach anns an aiste seo bheir sinn a bhun-chiall dha, oir sin a' chiall as doimhne agus as farsainge. Mar fhreumh aige tha an seann fhacal Frangach romance, ainm an t-seòrsa uirsgeil anns an tèid na mòr-uaislean ud a chaidh a sguabadh air falbh leis an t- siobhaltachd mharsantail a mholadh.
Bhon t-sealladh seo is e a th' anns an "romansachas" ach a' chiad ar-a-mach an aghaidh aigne acfhainneil [mentalidad utilitaria] an reusain, an airgid agus an inneil. Is e ceannairc de shòisealtas gràisgeil tàireil a th'ann. Seòrsa de dhìomhaireachas saoghalta a sheasas còirichean an tòcaidh, a' chreidimh, an fhantasaidh. Mar seo, bho a fhreumhan fhèin is e a th'anns an nobhail ach cur an cèill barraichte an spioraid romansaich. A-rèist chan eil e a' cur ris an fhîrinn gu bhi faicinn ann na bunaitean agus am ball-sampaill as beòthaile de chonnsachadh duine an là 'n-diugh. Mura bhios am feanòmanan a nochdas às daonnan fìor-ghlan agus soilleir, is ann a-chionns gun tàinig an t- uirsgeulaiche fo bhuaidh chumhachdach inntinn an eascaraid (Balzac, Zola). Oir cha ghabh sabaid an aghaidh namhaid làidir leanailtich a chumail a' dol gun a bhith fàs coltach ris air a' cheann thall. Gus an do cheadaich buaidh an spioraid nuaidh dha fhaighinn cuidhteas an Eich Throidhe sin. Mu dheireadh thall a' leigeil dha fianais air a' chor dhaonna ann an gàbhadh deireannach na sìobhaltachd teicneo-fhlaithich (tecnolátrica) a thoirt seachad. Mar thoradh air seo (agus calg- dhìreach an aghaidh na tha cuid de sgrìobhadairean-aiste agus feallsanaich a' creidsinn) chan e a- mhàin nach eil nobhail an fhicheadaimh linn a' crìonadh, is e seo gu dearbh an linn as torraiche, as iomadh-fhillte, as doimhne agus as tar-cheumnaiche ann an eachdraidh air fad an uirsgeil.
Thug an t-Ath-bheothachadh gu buil trì paradogsan: b'e gluasad indibhidealach a lean ri meall- chomann (la masificación); b'e gluasad nàdarrachail a lean dhan inneal; b'e daonnachas a chrìochnaich ann an dì-dhaonnachadh.
Agus chaidh am pròiseas seo adhartachadh le dà chumhachd fiùghantach dì-mhoralta: an t- airgead agus an reusan. Le an cobhair-san cheannsaich mac-an-duine a' chumhachd shaoghalta, ach (agus seo againn freumh a' pharadogsa thrì-fhillte sin) b'e cosgas a' cheannsachaidh an eas-chruthachd (la abstracción). Bhon luamhan gu ruige an logartaim, bhon uinge-òir gu ruige am banca-rèidh, tha eachdraidh a chuid cheannsachaidh air a' chruinne-cè na sgeul de aon eas- chruthachadh as dèidh a chèile. Gach fear dhiubh nas farsainge buileach na am fear roimhe. Tha eaconomas an là 'n diugh agus an saidheans posataibheach nan dà aghaidh dhen aon fhìorachd gun bhuadhan nitheil. De fhantasmagòiria mhatamataigeach a tha ann an seagh (agus seo dhuinn an rud as eagalaiche) na phàirt dhen duine. Chan ann dhen duine nitheil (hombre concreto) ach dhen mheall-dhuine (hombre-masa). Dhen chreutair neònach ud air a bheil fhathast riochd duine ach nach eil dha-rìribh ach na roth-fiaclach ann an innealradh àibheiseach gun urrainn.
Is e seo breugnachadh mu dheireadh an leth-dhè ud a ghlaodh a indibhidealachd ann an solas- maidne an Ath-bheothachaidh. Creutair leis nach bu ruith ach leum los nithean a chur fo cheannas. Gun for aige gu robh esan fhèin ga thionndadh na nì.
Bha imfhios aig spioradan geur-chuiseach coltach ri Dostoièbhsci, Kierkegaard agus Nietzsche gu robh bròn-chluich air choreigin a' ginideachadh am meadhan a' mhòr-dhòchais uile-choitchinn. Ach bha an t-lnnealradh Mòr cheana fada ro chumhachdach gus stad a chur air. Air chor is nar là fhèin tha an duine cumanta a' faireachdainn gur ann an saoghal do-thuigsinn a tha e a' gabhail còmhnaidh. Aineolach air amasan an t-saoghail agus fo smachd Urracha Mòra neo-fhaicsinneach gun truas. Nas èifeachdaiche na duine sam bith eile, chuir Franz Kafka an cèill breisleach agus so- leòntachd duine an là 'n-diugh ann an domhan cruaidh dubh-fhaclach.
Chan eil mi a' cur romham rannsachadh a dhèanamh air na dh' adhbharaich dùsgadh an duine mheadhan-aoisich mun dara linn deug. Tha mi a' gabhail ùidh, ge-tà, air ciamar a lean an dùsgadh seo gu saoghal a-muigh fo cheannas airgid is reusain ri fîorachd eas-chruthach ar latha fhèin. Is e a bh' anns a' chiad Chogadh-croise, an Cogadh-croise a b' fhìre, obair a' chreidimh Chrìosdail agus spiorad dànadas saoghail mharc-shluaghail. Is e gniomh romansach a bh' ann gun sùil air prothaid idir. Ach is e rud ioma-lùbach a th' ann an eachdraidh, agus b' e prìomh bhuil an airm rìdireil seo, cha mhòr, aiseirigh mharsantail na h-Eòrpa. Cha deach an Tuam Naomh no Baile Chonstantain a chaomhnadh, ach chaidh na rathaidean chun na h-Airde an Ear ath-fhosgladh. Chaidh an sògh is an saidhbhreas adhartachadh. Chaidh cumhachan na socaire agus a' chnuasachaidh shaoghalta a chruthachadh. B' ann mar seo a dh' èirich cumhachd nam bailtean mòra Eadailteach agus a' chlas ùir. Tron dara is an treas linn deug thug an clas seo buaidh air gach taobh. Dh'adhbharaich a chuid ghleacan is soirbheachadh uimhir de chruth-atharrachaidhean is gu bheil a' bhuil oirnn fhathast. Is e reductio ad absurdum na h-aigne marsantail ud a th' ann an càs ar latha-ne.
_____________________________