mardi 10 mai 2016

A' Mheanbhchuileag (4)

A' Mheanbhchuileag (4)
le Fearghas MacFhionnlaigh
English HERE
Adhamh -
an siola-sìl
air a ghinideachadh
ann an laraing na talmhainn.

Dh'fhosgail an ùir a beul,
agus ghlaodh a guth san fhàsach,
agus dh'fhàs suas faillean de fhuaim fhìorghlan uaine, 
freumh à talamh tioram
mar òran binn san dall-oidhche;
maothan a' seotadh tro charraig an t-sàmhchair
mar chrith-thalmhainn.

"Aún la atmósfera tiembla 
con la primera palabra 
elaborada
con pánico y gemido. 
Salió
de las tinieblas
y hasta ahora no hay trueno
que truene aún con su ferretería
como aquella palabra,
la primera
palabra pronunciada:
tal vez sólo un susurro fue, una gota
y cae y cae aún su catarata." (Pablo Neruda: 'La Palabra').

Is e an lide moileciuileach a bh'ann an Adhamh; 
an smid amoebach
air a bheò-luchdachadh le deò Dhè.
Is e a' bhunchealla a bh'ann,
a' roinn is a' craoladh fhaclan feòla
air an co-cheangal ann an gaol,
gus an cinne-daonna a thaosgadh às an talamh
mar fhuaran shìolmhor
mar fhìonan shùghmhor
mar chànan bhìoghmhor
a' cur thairis is a' gabhail iomadach cruth,
mar fhuaim uisge a' ruith tro allt is abhainn
mar fhuaim na gaoithe a' sèideadh tro fheur is chraoibh 
mar fhuaim analach a' seinn tro chaochladh innealan-ciùil 
mar fhuaim fhaclan gan dòirteadh tron fheòil.

Facail fhàs-bheairteach a' leum a dh'ionnsaigh na grèine, 
a' glacadh an t-solais ann am foto-co-chur cànanach,
a' sgaoileadh ogsaidean mar oratorio le Handel,
a' togail staidhre gu nèamh mar ghas-pònaire de fhuaim.

Facail mar dhuilleagan a' cniadachadh an t-solais; 
facail mar bhlàthan ag atharrais a' bhogha-fhrois; 
facail mar fhìon-dhearcan de eòlas milis,
facail a' torradh agus a' snodhachadh
rosg-rannan mar fhlùraichean,
chànanan mar chraobhan,
a' cruthachadh Gàrradh Edein de chainnt 
agus a' cur thairis fhathast,
a' pasgadh na talmhainn le blàth-fhleasg, 
is a' gramachadh ris na planaidean
mar iadh-shlat ri crann-ubhail.

Facail agus solas agus feòil. 
Trompaid agus lòchran agus crèadh.

Claidheamh Dhè agus Ghideoin!

Adhamhchlann ann an di-had bàidheil
ri sùrdag bho phlanaid gu planaid
a' giùlan fhaclan mar chlaidhnean lasrach,
a' cur às don oidhche ana-chreidmheach, 
gus an tèid gach fròg ùdlaidh sa chruinne-cè 
na uamh chrith-dheàlrach Alàdain.

Adhamh -
an dùrd niùclasach,
am facal atamach
a' tilgeil dheth niutronan mar ghnìomhairean
am measg ainmearan reòthte na sàmhchaire; 
niutronan ri sèis mar bheachan
a' giùlan poilein o fhlùr gu flùr;
atam-fhaclan
a' co-leaghadh ann an cànan sruth-shoillseach;
a' slugadh na cruinne-cè ann am bàrdachd rèidio-beò.

Chan eil ann ach fuaim;
chan eil ann ach lùths air chrith.
Tha an cruinne-cè loma-làn dhathan ri seirm
mar ghàrradh làn dhrannd-eun.
Tha an cruinne-cè na choithional
agus Adhamh na fhear-togail-fuinn.
Tha an reul-chrios na orcastra
agus Adhamh na stiùiriche-ciùil.
Is e clàrsair a th'ann an Adhamh,
agus an speactram dealan-mhagnaiteach a' freagairt 
mar theudan ri a mheòir.

Adhamh a' cluinntinn cagarsaich nan cuasaran;
na ghlacadair agus na sgaoileadair, 
na chluas agus na bheul.
Na Mhìniche,
na Fhàidh agus na Bhàrd.
A' fosgladh uinneagan an domhain,
uinneagan faclach,
facail mar rionnagan a' priocadh an dorchadais, 
a' co-thàthadh ann an cànanan mar reul-chriosan. 
Oir tha ainm air gach rionnag,
agus ainm air gach fochann feòir,
agus ainm air gach atam;
agus is e Adhamh an Seanchaidh.

Dh'ainmich Adhamh gach uile nì beò,
a' callachadh gach creutair agus ga ghlacadh le facal
mar chuileag ann am botal;
ach dhiùlt e ainm fhèin,
a' briseadh a' bhotail spioradail san robh a shàbhailteachd, 
a' sgealbadh na glainne a bha mar phrosbaig
agus mar mhaicreasgop dha,
a' sgoltadh sgàthain Dhè.

Agus far na thuit na bloighdean dh'fhàs suas drisean,
a' mùchadh fhlùrannan a' ghàrraidh, a' tachdadh luisridh a chridhe, 
ga chuartachadh mar uèir-bhiorach
gus an robh e glacte ann an Auschwitz pearsanta;
gus an robh ego mar Mhionotaur ceigeanach paiteòlach
na chrùban ann an ioma-shlighe inntinn;
gus an robh eanchainn mar dhamhan-allaidh iargalta
am buillsgean dlùth-lìn critheanaich a nearbh-shiostaim;
gus an robh a chridhe mar phèist ghrathail fo mhuir,
ceilte ann am foirche a chlèibhe.

Adhaircean,
nimh-fhiaclan,
greimichean
ag èaladh san dubh-aigeann.
Adhamh a' dranndal mar Cheirbearas aig inntrinn ifrinn; 
mar fhacal drabasta ann an dubhar an sgòrnain.

(Thogadh mi faisg air Torònto,
a' tilleadh a dh'Alba aig deich bliadhna dh'aois.
Nam inntinn òg shaoil mi
nach bitheadh droch-chainnt idir am measg nan Albannach; 
nach bitheadh sgeulachdan salach acasan
a bha air taobh thall a' chuain.
Cha robh fios agam aig an àm ud
air Ceirbearas agus a chaochladh cheann.)

Adhamh
am facal aillseach
am facal faisisteach,
am facal feòil-itheach,
am facal draostach
a' grodadh sgròban an t-saoghail 
mar chnuimh am broinn ubhail.

Adhamh
a' bhreug thùs-ghineanach
air a teannadh mar ghaothaireachd
tro chaolan sgàirdeach na talmhainn 
gu bhith air a h-ùr-bhreith
mar bhraim chòsmach;
ag èirigh na smùid
mar anail loibheach dràgoin,
mar thoth bholcàno,
mar sgòth thearmo-niùclasach;
a' tilgeil salchair chun nan nèamhan, 
a' cur sgàil air a' ghrèin,
a' truailleadh an àile,
a' frasadh siantan dubha a' bhàis
mar mhallachdan air an talamh ghlais.

Adhamh mar Chrònas
a' glàmadh a chuid cloinne.

Adhamh mar Fhührer, 
blitzkreig de bhreugan.

Adhamh mar Sfiongs, 
tachdadair nam faclan.

Adhamh mar Rocabarra, 
creag là-luain nan Gàidheal.

Adhamh mar Bhaal, 
dia-charragh an strìopachais.

Adhamh mar Phanteon, 
brù-chuaraidh nan iodhalan.

Adhamh mar Thùr Bhàbail. 
Alcatraz nan cànanan.

Adhamh mar Atlas, 
ag adhradh Meidiùsa.

Adhamh mar Shinai 
nam faclan cloiche.

Adhamh mar Chalbharaigh 
an Fhacail cheuste.

Agus an àiteigin
mar gum bitheadh air planaid cian 
chualas gairm-choilich
agus thuit dorchadas air an domhan.

Dh'èist mi.
Cha robh ann ach aon chànan air thalamh 
agus bha faclan gann.

À bùithtean an Riaghaltais 
rachadh faclan a cheannach 
fillte ann an ceallafan.

Dh'ith na mithean iad 
às aonais salainn
ann an sàmhchair.
___________
Earrann [1]  [2]  [3]  [5]